Alasdair MacColla Songtext

Alasdair Mhic o ho
Cholla Ghasda o ho
As do laimh-s' gun o ho
Earbainn tapaidh trom eile

Fonn:
Chall eile i chall a ho ro
Chall eile i chall a ho ro
Chall eile huraibh ru chall a ho ro
S haoi o ho trom eile

As do laimh-s' gun
Earbainn tapaidh
Mharbhadh Tighearna
Ach-nam-Breac leat

Mharbhadh Tighearna
Ach-nam-Breac leat
Thiolaigeadh e
an oir an lochain

'S ged 's beag mi fhein
Bhuail mi ploc air
Chuala mi'n de
Sgeul nach b'ait leam

Chuala mi'n de
Sgeul nach b'ait leam
Glaschu a bhith
Dol 'na lasair

Glaschu a bhith
Dol 'na lasair
'S Obair-Dheathain
An deidh a chreachadh
This website uses cookies to ensure you get the best experience on our website. Closing this message or scrolling the page you will allow us to use it. Learn more